SchoolNet Global Scotland
A' Fuireach ann an Craobh, by Rosie
Fàilte gu SchoolNet Global
Thòisich SchoolNet Global ann am Breatainn sa bhliadhna 1998. On àm seo, tha còrr agus leth mhillean òganach eadar aois 14 agus 18 bliadhna air a dhol an sàs ann. Tha mòran dhiubh air an smuaintean agus am faireachdainnean a thaobh beatha san 21mh Linn a chlàradh air corr agus 55,000 duilleig lìn. Bidh iad a’ sgriobhadh mu dheidhinn am beatha fhein, na dachaighean aca, na nithean sam bheil ùidh aca, am beachdan, an dòchas agus na bruadairean faoine, farsaing a tha aca agus mar a ni iad an saoghal nas fhearr.

Tha na h-oileanaich agus na tidsearan againn air an làrach-lìn cloinne feumail as motha san t-saoghal a chruthachadh agus tha e fhathast a’ fàs.


Ar cuireadh dhuibh
Tha buill againn an-dràsta ann an corr agus 20 duthaich a tha a’ miannachadh gum bith pàirt aig an cuid chloinne anns a’ phroiseact agus tha sinn a’ toirt cuiridh do thidsearan bho cheàrnaidh sam bith dhen t-saoghal a thighinn comhla ruinn aig an àm seo Thoiribh cothrom do ur clann tuigsinn a neartachadh eadar na cultairean againn.

Faodaidh a’ chlann duilleagan a chur a-steach sa Bheurla agus ann an cainnt am màthar ach an urrainn dhaibh conaltradh ri clann eile aig an taigh agus timcheall an t-saoghail.

Tha Multilingual SchoolNet air an t-slighe.
Tha an làrach an dràsta sa Bheurla agus ’s e stòras feumail a th’ ann airson Beurla ionnsachadh mar Chànan Cèin. Thairis air an ath bhliadhna, tha sinn an dòchas an làrach eadar-theangachadh gu cànain ar buill.